Mo Ghruagach Dhonn lyrics - Julie Fowlis

See the full Mo Ghruagach Dhonn lyrics from Julie Fowlis. Mo Ghruagach Dhonn lyrics belongs on the album Cuilidh. Learn every word of your favourite song and get the meaning or start your own concert tonight :-). Rate this song's lyrics. Uploaded by Andrew. Use it for personal and educational purposes only. Listen to these sick beats by Julie Fowlis.

Mo Ghruagach Dhonn lyrics

Mo Ghruagach Dhonn
Hi ho ro, mo ghruagach dhonn,
’S ann ort fhèin a dh’fhàs an loinn:
Dh’fhàg siud acaid na mo chom,
An gaol cho trom ’s a ghabh mi ort.

Fhuair mi do litir Dimàirt,
Dh’innseadh dhòmhsa mar a bha:
Gu robh thu a’ tighinn gun dàil
A-mach air bàta Ghlaschu.

Nuair a leugh mi mar a bha,
Ghabh mi sìos am Brumalà:
Chunnaic mi a’ tighinn am bàt’
’S an t‑àilleagan, an ainnir, innt’.

Nuair a shìn mi mach mo làmh,
Thionndaidh thu le fiamh a’ ghàir’
’S labhair thu facal no dhà
Dh’fhàg iomadh tràth gun chadal mi.

’S ann ort fhèin tha ghruag a’ fàs ‑
Cha dubh ’s cha ruadh is cha bhàn,
Ach mar an t-òr as àille snuadh,
Gu buidhe, dualach, camalagach.

Dhèanainn sgrìobhadh dhut le peannt,
Dhèanainn treabhadh dhut le crann,
Dhèanainn sgiobair dhut air luing,
Air nighean donn nam meall-shùilean.

Meòir is grinn thu air an t-snàth
No cur peannt air pàipear bàn,
Ach ma chaidh thu null thar sàil
Dh’Astràilia, mo bheannachd leat.

Cha bhi mi tuilleadh fo leòn,
Glacaidh mi tè ùr air spòig ‑
Solamh bu ghlice bha beò,
Bha aige mòran leannanan


Songs from same album Cuilidh

Julie Fowlis - A t-aparan goirid's a t-aparan ur lyrics
An t‑Aparan Goirid ’s an t‑Aparan Ùr: Òran do Sheasaidh Bhaile Raghnaill An t-aparan goirid ’s an t-aparan ùr, An t-aparan goirid nach ruig ach a’ ghlùin, ’S nuair bha ...
Julie Fowlis - Hug air a bhonald mhoir lyrics
Hùg air a’ Bhonaid Mhòir Hùg air a’ bhonaid mhòir, Cuiribh oirre ’s leigibh leatha; Tuilleadh air a’ bhonaid eile, Chan eil leth gu leòr oirre. Bhonaid a bh’ aig Dòmhnal...
Julie Fowlis - Mo ghruagach dhonn lyrics
Mo Ghruagach Dhonn Hi ho ro, mo ghruagach dhonn, ’S ann ort fhèin a dh’fhàs an loinn: Dh’fhàg siud acaid na mo chom, An gaol cho trom ’s a ghabh mi ort. Fhuair m...


Recent lyrics



Terms of User Agreement